Museum nan Eilean a' dùnadh dà bhliadhna

Steòrnabhagh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption 'S ann ri taobh Caisteil Leòdhais a thèid an taigh-tasgaidh ùr a thogail.

Dùinidh Museum nan Eilean ann an Steòrnabhagh aig deireadh na mìos seo airson còrr is dà bhliadhna.

Bidh an t-ionad dùinte son cothrom a thoirt dhan luchd-obrach ullachadh a dhèanamh son gluasad dhan taigh-tasgaidh ùr a thèid a thogail ri taobh Caisteil Leòdhais.

Cha bhi an t-seirbheis a' dùnadh sìos gu tur ge-tà. Bidh iad fosgailte son fiosrachadh a thoirt seachad, agus bidh rudan leithid làithean fosgailte a' dol bho àm gu àm.

"Mar a tha fhios aig daoine tha obair air tòiseachadh mar thà air an caisteal ath-nuadhachadh, agus bidh obair a' tòiseachadh a dh'aithghearr air an taigh-tasgaidh ùr," thuirt tè de dh'oifigearan Mhuseum nan Eilean, Catriona NicCumhais.

Gàidhlig

"A bharrachd air an taigh-tasgaidh, bidh Tasglann nan Eilean Siar fhèin a' dol ann an sin, agus bidh àite aca far an urrainn do dhaoine a dhol a-steach a choimhead air na tasglannan.

"Cuideachd bidh sinn a' coimhead air an t-seirbheis a tha sinn a' toirt dhan choimhearsnachd, agus tha oifigear ùr air tòiseachadh air a' phròiseact.

"Bidh ise a' coimhead air dòighean ùra is urrainn dhuinn sin a thoirt seachad.

"Bidh an taigh-tasgaidh air Sràid Fhrangain a' dùnadh gus am fosgail an taigh-tasgaidh ùr.

"Ged a tha sinn dùinte airson luchd-turais a' tighinn a-steach a choimhead air taisbeanaidhean, bidh sinn fhathast ag obair ann an seo.

"Tha tòrr obrach ri dhèanamh fhathast, agus cuideachd ma tha daoine ag iarraidh fiosrachaidh sam bith bidh sinn a' toirt sin seachad dhaibh.

"Bidh làithean againn cuideachd far am bi sinn a' fosgladh dhan choimhearsnachd, far am faigh iad air tighinn a-steach a choimhead air na tha sinn air a bhith a' dèanamh, agus far am bi sinn ag iarraidh nam beachdan aca.

"Bidh sinn cuideachd a' dol a-mach dhan choimhearsnachd a dh'obair còmhla ri sgoiltean, agus ag obair còmhla ris na comainn eachdraidh," thuirt i.

Tha an taigh-tasgaidh ùr gu bhith eadar-dhealaichte seach mar a tha am fear a th' ann.

"Tha gailearaidhean traidiseanta gus a bhith ann, agus cuideachd bidh gailearaidhean ann a tha gu math ùr," thuirt a' Bh.Ph. NicCumhais.

"Gailearaidhean a tha ag innse do dhaoine mu na ceanglaichean a th' ann eadar eachdraidh, a' mhuir, agus na daoine agus an àrainneachd air fad.

"Agus cuideachd tha sinn ag iarraidh taigh-tasgaidh far am bi daoine a' cluinntinn Gàidhlig. 'S i Gàidhlig a' chiad ghuth a bhios daoine a' cluinntinn ann.

"Tha sinn an dòchas gum bi an taigh-tasgaidh ùr a' pùtadh dhaoine a-mach à Steòrnabhagh dha na h-àiteachan eile air feadh nan Eilean. A-mach dha na taighean-tasgaidh agus na comainn eachdraidh.

"Chan ann dìreach airson Steòrnabhaigh a tha e, ach airson nan Eileanan gu lèir," thurt i.