Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Rebekah Brooks

Nochd Rebekah Brooks, a b'àbhaist a bhith os cionn News International, mu choinneimh na cùirte an-diugh an co-cheangail ri casaidean a thaobh sgainneal nam fònaichean-làimhe. Tha casaidean na h-aghaidh gun robh i ag èisteachd ri teachdaireachdan a chaidh fhàgail air fònaichean-làimhe diofar dhaoine nuair a bha i san obair aig News International. Tha Rebekah Brooks a' dol às àicheadh nan casaidean.

Béal Feirste

Tha na Poilis ann an Èirinn a Tuath ag ràdh gun robh 350 neach an sàs ann an sabaid ann am Béal Feirste an-raoir. Chaidh faisg air 50 oifigear poilis a ghoirteachadh nuair a chaidh am bualadh le cleasan-teine. Bha coltas gun do dh'èirich trioblaid ann an ceann a tuath Bhéal Feirste, an dèidh caismeachd le còmhlain chiùil Phoblachdach.

Mucan-mara

Bidh eòlaichean a' feuchainn ri dhearbhadh an-diugh dè thug air buidhinn de mhucan-mhara cinnmhor a dhol air tìr ann am Fìobha. Thill deich mucan-mara dhan mhuir leis an làn, ach bhàsaich co-dhiù 16 dhiubh.

Barrhead Travel

Thèid 75 cosnadh a chruthachadh ann an Alba agus ann an ceann a tuath Shasainn. Sin às dèidh don chompanaidh Barrhead Travel innse gu bheil iad gu bhith a' fosgladh bhùithdean ùra, agus ag àrdachadh na h-àireimh de luchd-obrach a tha a' freagairt nam fònaichean aca. Mar thà 's iad a' chompanaidh siubhail neo-eisimeileach as motha ann an Alba agus iad a' toirt cosnaidh do chòrr is 600 neach.

Seach-rathad Inbhir Nis

Iarraidh daoine a tha a' fuireach ann an Inbhir Nis air comhairlichean an-diugh gun goireasan spòrs a mhilleadh gus seach-rathad ùr a thogail dhan bhaile. Tha trì làithean de cho-chomhairleachadh air na planaichean a' tòiseachadh an-diugh, agus Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh roghainn a chuireadh drochaid fhosglaidh thar a' chanàil, agus drochaid ìosail eile thar na h-aibhne.

Siria

Tha an Tosgaire Sìthe Eadar-nàiseanta ùr dha Siria, Lakhdar Brahimi, ag ràdh gu bheil an obair a tha roimhe cha-mhòr do-dhèanta. Ach thuirt Mgr Brahimi gu bheil e mar dhleastanas dha feuchainn ris an t-sabaid eadar Reubaltaich agus feachdan Riaghaltais Shiria a thoirt gu ceann.

Pistorious

Tha an lùth-chleasaiche Para-limpigeach, Oscar Pistorious, air leisgeul a thabhainn airson gearain a dhèanamh mu fharpaiseach eile mionaidean às dèidh dha rèis a chall an-raoir. Fhuair Alan Oliveira à Braisil am Bonn Òir ann an rèis 200 meatar. Ach nochd Pistorious beachd gun robh na casan fuadain chàrboin aige ro fhada. Thuirt Pistorious an-diugh ge-tà, gun robh e ceàrr dha aire a thoirt air falbh bhon neach a ghlèidh an rèis, ged a tha e den bheachd gu bheil trioblaid ann leis am feumar dèiligeadh.