Cuach a' Cho-Op aig Càrlabhagh
- Published
Tha sgioba Chàrlabhagh air a' chiad duais aca a bhuannachadh bho 1957.
Rinn iad a' chùis air sgioba a' Bhac ann an cuart deireannach Cuach a' Cho-Op oidhche Shathairne.
Chrìochnaich an geama 1-1, le Friseal MacLeòid a' cur sgioba a' Bhac air thoiseach le cairteal na h-uarach de gheama air fhàgail, ach fhuair Seumas MacLeòid tadhal do Chàrlabhagh le seachd mionaidean ri dhol.
Rinn Càrlabhagh a' chùis 7-6 an dèidh bhreaban peanais.