Fianais air fear-lorg na h-Àirc?

Dòmhnall MacCoinnich Image copyright Other
Image caption Bha Dòmhnall MacCoinnich a' feuchainn ri lorg fhaighinn air an làraich air Beinn Ararat san Tuirc.

Tha dithis a' cumail a-mach gun d'fhuair iad lorg air rudan a bhuinneadh do Leòdhasach a chaidh a dhìth 's e a' feuchainn ri làrach ghrunnachaidh Àirc Noah a lorg.

Chaidh aithris 14mh an Damhair 2010 gun robh Dòmhnall MacCoinnich, a tha 47, a dhìth.

Cha do thill e bho thuras a Bheinn Ararat anns an Tuirc.

Thuirt a bhràthair, Ruairidh, gun robh dithis san Tuirc, fear dhiubh a bha na fhear-iùil beinne, air innse gun do lorg iad cuid de na rudan a bha leis.

Ach thuirt e gun robh e fhathast a' feitheamh air dearbhadh.

Cha robh e deònach càil a bharrachd a ràdh mu na h-aithrisean gus am faigheadh e dearbhadh gum b'ann le a bhràthair a bha na rudan a lorgadh.

Tha e a' cur roimhe a dhol dhan Tuirc nas fhaide den mhìos, 's e an dòchas coinneachadh ri daoine aig a bheil fiosrachadh mu na dh'èirich dha a bhràthair.

Tha Mgr MacCoinnich den bheachd gun deach a bhràthair a mharbhadh le raidigich chreidmheach, no ann an ionnsaigh-mhèirle, no ann an tubaist air a' bheinn.

Thog a bhràthair ùidh ann a bhith a' lorg Àirc Noah o chionn beagan bhliadhnaichean, agus rinn e caochladh obraichean gus maoineachadh a thrusadh airson a chuid thursan.

A rèir a' Bhìobaill, 's ann air Beinn Ararat a thàinig an Àirc gu tìr às dèidh na Tuile Mòire.