Oidhirp a dhìth air co-chomhairleachadh

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha a' Chomhairle a' sireadh bheachdan air gearraidhean luach còrr is £17m thar an ath dhà bhliadhna.

Tha ceannard a' bhuidseit aig Comhairle na Gàidhealtachd air gabhail ris gum feum an t-ùghdarras ionadail barrachd a dhèanamh a thaobh co-luadair leis a' phoball.

Bha an Comh. Dàibhidh Fallows a' bruidhinn às dèidh mar nach do nochd ach timcheall air 20 duine aig coinneimh ann am Port Rìgh oidhche Luain.

B' i a' chiad tè de 12 choinneimh a tha a' Chomhairle a' cumail air feadh na Gàidhealtachd, 's iad a' sireadh bheachdan an t-sluaigh air gearraidhean luach còrr is £17m anns a' bhuidseat aca thar an ath dhà bhliadhna.

Tha Mgr Fallows ag ràdh gum feum a' Chomhairle sealltainn do dhaoine nach e dìreach eacarsaich a th' ann an co-chomhairleachadh, ach gu bheil luach anns na beachdan aca.

"Bidh sinn a' dèanamh oidhirp mhòir," thuirt e.

"Ach is math a' cheist co-dhiù tha iad air am brosnachadh gus tighinn a-mach.

"'S e fear de na rudan a dh'fheumas sinn sealltainn nuair a bhios sinn a' dèanamh co-chomhairleachaidh, gu bheil sinn air èisteachd.

"Ma 's urrainn dhuinn sealltainn gu bheil sinn air èisteachd, agus gu bheil sinn air freagairt a thoirt air na chuala sinn, 's gu bheil sinn air rudeigin ionnsachadh, dh'fhaodadh gum bi earbsa aig daoine sa bheachd gum fiach e a bhith a' tighinn a-mach 's a' bruidhinn rinn," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile