Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Crathadh a' Chaibineit

Tha tuilleadh air tighinn am bàrr mu mar a tha Dàibhidh Camshron air an caibineat aige ùrachadh. Tha Andrew Lansley a' call a dhreuchd mar Rùnaire na Slàinte, 's am Prìomhaire ga ainmeachadh mar Cheannard Thaigh nan Cumantan, an àite Sir Seòras Young. Chaidh Theresa Villiers àrdachadh gu dreuchd Rùnaire Èireann a Tuath, agus i a' gabhail thairis bho Eoghainn MacPheadrais. Tha triùir bhoireannach air an dreuchdan a chall: am Bana-Mhorair Warsi, mar Rùnaire a' Phàrtaidh Thòraidhich, Rùnaire na Cuimrigh Cheryl Gillan, agus Rùnaire na h-Àrainneachd, Caroline Spelman. Fanaidh Ken Clarke anns a' Chaibineat, ged a tha e air obair a chall mar Rùnaire a' Cheartais.

Reachdas na h-Alba

Foillsichidh Riaghaltas na h-Alba an-diugh dè na bilean a chuireas iad mu choinneimh na Pàrlamaid Albannaich anns a' bhliadhna a tha romhainn. Am measg eile, cuiridh iad bilean air adhart airson referendum a chumail air neo-eisimeileachd do dh'Alba, agus pòsaidhean gèidh a cheadachadh.

Béal Feirste

Chaidh 15 oifigearan poilis a ghoirteachadh air sràidean Bhéal Feirste an-raoir, agus aimhreit a' leantainn ann an ceann a tuath a' bhaile airson na dàrna oidhche sreath a chèile. Chaidh faisg air 50 oifigear a leòn Diluain 's iad a' feuchainn ri Nàiseantaich agus Dìlsich a chumail bho chèile às dèidh caismeachd Phoblachdach.

Na Poilis

Dh'èirich an àireamh de dh'oifigearan poilis an Alba anns an dàrna cairteal den bhliadhna. A rèir nan àireamhan airson nan trì mìosan gu deireadh na h-Ògmhios, bha 17,373 oifigearan ann an Alba. Sin àrdachadh de 7% thairis air còig bliadhna.

Tubaist Bhàsmhor

Nochd fireannach sa chùirt ann an Obar Dheathain an-diugh às dèidh bàs bhoireannaich ann an tubaist-rathaid. Chaochail Jacqueline Lyon, aois 44, seachdain Diluain seo chaidh nuair a bhuail an càr aice agus carbad eile ri chèile air Rathad na Tràghad anns a' bhaile. Nochd Anndra Carney, aois 23, à Sròn na h-Aibhne, ann an Cùirt an t-Siorraidh, fo chasaidean co-cheangailte ri droch dràibheadh agus drogaichean. Cha do rinn e tagradh, agus chaidh a chumail an grèim às dèidh iarrtais bho Sheirbheis Chasaid a' Chrùin.

Co-chomhairleachadh

Thuirt ceannard a' bhuidseit aig Comhairle na Gàidhealtachd, Dàibhidh Fallows, gum feum iad barrachd a dhèanamh gus daoine a thàladh dhan cho-chomhairleachadh a tha iad a' dèanamh air gearraidhean na Comhairle. Feumaidh iad na milleanan notaichean a shàbhaladh sna bliadhnaichean ri teachd. Cha robh ach mu 20 neach aig coinneimh mun ghnothach ann am Port Rìgh an-raoir, agus coinneamhan eile air feadh na Gàidhealtachd gu bhith aca.

Casg-breith

Agus fhuair sgrùdadh Albannach gu bheil boireannaich a fhuair casg-leatrom nas buailtiche breith neo-inbheach fhulang ma dh'fhàsas iad trom a-rithist. Ach tha an luchd-sgrùdaidh aig Oilthigh Obar Dheathain ag ràdh nach eil an cunnart cho mòr 's a tha e do bhoireannaich a dh'fhulaing marbh-bhreith.