Euslaintich a' fulang ri linn droch tharraing fòn-làimhe
- Published
Tha euslaintich ann an sgìrean dùthchail ann an Alba a' call chothrom air buannachd fhaighinn à teicneòlas mheidigeach ri linn droch tharraing fòn-làimhe.
Tha aithisg ùr bho Sheirbheis an Teasairginn Èiginnich Mheidigich, a bhios a' toirt seachad cùraim shònraichte ann an sgìrean dùthchail, a' mìneachadh mar a tha seo a' toirt buaidh air euslaintich agus luchd-obrach slàinte.
"Chan eil teagamh gu bheil e na dhuilgheadas nuair a tha sinn a' feuchainn ri gnothaichean a chur air dòigh airson iomairt teasairginn," thuirt an Mgr Anndra Inglis, a tha na fhear-comhairleachaidh san t-seirbheis.
"Tha còig de na h-ospadalan coimhearsnachd far nach eil tarraing fòn-làimhe earbsach.
"'S e slàinte, gu dearbha, dìreach fear de na h-adhbharan gu bheil seo na thrioblaid - foghlam, gnothachas, turasachd.
"Bhiodh iad sin uile nan adhbharan gu math feumail airson teicneòlas fòn-làimhe a bhith ri fhaighinn sna sgìrean seo.
"'S e gnothach gu math doirbh a th' ann freagairt fhaighinn bho na companaidhean fòn-làimhe.
"Tha cuid dhiubh air a bhith tòrr na b'fheàrr na cuid eile, 's feadhainn gu math cuideachail.
"Ach gu bunaiteach, tha mi a' smaointinn gur e iomairt leantainneach a bhios ann bho iomadh buidheann agus taobh airson atharrachadh fhaighinn," thuirt e.