Spadadh Bhìobhairean a dhìth ma leigear ma sgaoil iad?

Beaver Image copyright PA
Image caption Tha bìobhairean Babhàiria sa Ghearmailt gan sealg son smachd a chumail orra.

Thuirt athaisg do Dhualchas Nàdair na h-Alba gur dòcha gum feum bìobhairean a spadadh airson smachd a chumail air na bhios ann dhiubh ma thèid leudachadh air an sgeama son an toirt air ais a dh'Alba.

Agus thuirt an aon aithisg nach bu chòir iolairean-mara, a tha ma sgaoil mar thà ann an Alba, a spadadh idir.

Tha an aithisg a' coimhead ri ciamar a ghabhas gearainnean uachdaran, thuathannach agus chroitearan mu sgeamaichean far a bheil beathaichean gan toirt air ais dhan dùthaich a rèiteach ann an dòigh laghail agus taobh a-staigh riaghalltean an Aonaidh Eòrpaich a thaobh a bhith a' dìon fiadhbheatha.

Chaidh bìobhairean a leigeil ma sgaoil mar thà ann an Cnapadail ann an Earra-Ghàidheal ann an sgeama deuchainn.

Fhuair an rannsachadh gur dòcha gun rachadh milleadh a dhèanamh air craobhan agus air bàrr nan deadh àireamh mhòr de na beathaichean a leigeil ma sgaoil.

A rèir ùghdaran na h-aithisg, thathas a' cumail smachd air àireamh nam bìobhairean sa Ghearmailt le a bhith gan sealg.

Chan eil lagh an AE air a chleachadh airson cur an aghaidh a' chleachdaidh sin.

Chan e an aon sheòrsa seasamh a th' aca mu iolairean-mara ge-ta, 's iad a' moladh sùil mhionaideach a chumail orra.

Tha croitearan air taobh siar na h-Alba air gearain sna bliadhnachan mu dheireadh gu bheil na h-iolairean a' falbh le uain òga.

Mhol an aithisg airgead-dìolaidh a thoirt seachad nuair a tha stoc ga chall.