700 a' dràibheadh ro luath air an A9

Camara-rathaid Image copyright PA
Image caption Mhair iomairt nam Poileas deich là.

Fhuair na poilis cha-mhòr 700 dràibhear a bha a' dol ro luath air an A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt ann an iomairt a mhair deich là.

Bha Poilis a' Chinn a Tuath agus Poilis Thaobh Tatha an sàs san iomairt còmhla.

Tha iad air dragh a nochdadh mun àireamh de dhaoine a bha a' dol ro luath, gu sonraichte seach gun robh iad air innse ro làimh gum biodh iomairt aca.

Thathas ag ullachadh airson an A9 a leasachadh, ga dhèanamh dà-fhillte fad na slighe eadar Inbhir Nis agus Peairt.

Tòisichidh an obair sin ann an 2015, 's dùil gum bi i crìochnaichte ann an 2025.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile