Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neo-eisimeileachd

Chaidh Riaghltas na h-Alba às àicheadh gu bheil cus aire ga cur air neo-eisimeileachd, agus nach eil gu leòr air bochdainn chloinne. Tha na Làbaraich air slaic a thoirt air an Riaghaltas às dèidh dhaibh am plana reachdais aca fhoillseachadh an-dè. Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gum biodh cothrom nas fheàrr ann airson strì a dhèanamh an aghaidh bochdainn, nam biodh tuilleadh chumhachdan aig an Riaghaltas aig Holyrood.

Heathrow

Dh'iarr Mèar Lunnainn, Boris Johnson, air Riaghaltas Westminster, an cùl a chur ris a' cheist mun treas raon-laighe aig Heathrow. Thuirt Mgr Johnson gum feum Dàibhidh Camshron seasamh an Riaghaltais a dhèanamh soilleir, agus an Caibineat ùr a' coinneachadh feasgar an-diugh. Bha Justine Greening, a chaill a dreuchd mar Rùnaire airson Còmhdhail an-dè, gu mòr an aghaidh raon-laighe a bharrachd aig a' phort-adhair.

Dachaigh Chùraim

Tha sgrùdadh ga dhèanamh air gearainnean mu dheidhinn dachaigh chùraim ann an Dùn Dè a tha ga chleachdadh le feadhainn a b'àbhaist a bhith san Arm. Thuirt luchd-sgrùdaidh nan dachannan cùraim, gun deach na ceistean a thogail mu dhachaigh chùraim Rosendale House ann am Broughty Ferry. Tha sgrùdadh ga dhèanamh ann an co-bhanntachd le Poilis Thaobh Tatha, agus Buidheann Dìon Inbheach Comhairle Dhùn Dè.

An A9

Chaidh faisg air 700 dràibhear a ghlacadh a' dol ro luath air an A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt ann an iomairt leis na Poilis a mhair deich là. Thuirt Poilis a' Chinn a Tuath agus Poilis Thaobh Tatha, a chuir an iomairt air dòigh, gu bheil e air dragh mòr a chur orra.

Gnìomhachas a' Chumhachd

Feumaidh gnìomhachas a' chumhachd ann an Obar Dheathain an aon uidhir de luchd-obrach ùr fhastadh airson dreuchdan a lìonadh anns an àm ri teachd, agus a tha a' fuireach anns a' bhaile air fad. Sheall aithisg leis an luchd-cunntais PWC gu bheil cha-mhòr an dara leth den luchd-obrach aig muir nas sine na 45, agus gu bheil iarrtas mòr gu bhith ann airson luchd-obrach leis na sgilean sònraichte sin ann an timcheall air deich bliadhna eile.

Ofgem

Thuirt Ofgem gu bheil iad a' beachdachadh air cead a thoirt dha luchd-cleachdaidh nan companaidhean cumhachd àrdachadh a thoirt air an ìre fiachan a dh'fhaodas a bhith orra mus tèid stad a chur orra bho bhith a' gluasad gu companaidhean eile. Chaidh casaidean a thogail an aghaidh cuid de chompanaidhean gun robh iad a' glacadh an luchd-cleachdaidh as bochda air na cùmhnantan a bha a' cosg cus dhaibh.