Tubaist mhotorbaidhseagail air an A9 ann an Cataibh

Chaidh dithis a thoirt dhan ospadal ann an heileacoptair às dèidh tubaist leis a' mhotorbaidhseagail air an robh iad air an A9 faisg air Dòrnach ann an Cataibh.

Thachair an tubaist goirid an dèidh 1:00f, faisg air ceann-rathaid an A839.

Tha Poilis a' Chinn a Tuath ag ràdh nach robh carbad sam bith eile an sàs, agus gun deach neach-stiùiridh agus neach-siubhail "pillion" a' mhotorbaidhseagail a ghoirteachadh.

Thuirt na Poilis cuideachd gun robh an A9 dùinte aig làrach na tubaiste fhad 's a bhiodh oifigearan a' rannsachadh na dh'adhbharaich an tubaist.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile