BBC Naidheachdan

Gearain mun Oifis a' Phuist

Published
image copyrightUndiscovered Scotland
image captionTha astar sia mìle eadar Scalpaigh agus an Tairbeart.

Sgrìobh BP nan Eilean Siar chun a' Phuist Rìoghail ag ràdh gu bheil grunn dhaoine air gearain a thogail leis mu sheirbheis choimpiutaireachd Oifis a' Phuist ann an Scalpaigh.

Tha Aonghas Brianan MacNìll ag ràdh nach eil daoine air na peinnseanan no socharain aca fhaighinn ann, bho chionn cola-deug, 's gum feum a' chùis reiteach cho luath 's a ghabhas.

"Tha cuid de dhaoine air a dhol dhan Tairbeart a dh'iarraidh a' pheinsein," thuirt Mgr MacNìll.

"Agus tha mi cinnteach gu bheil sin math gu leòr do dh'fheadhainn, ach nach eil e cho furasta do dh'fheadhainn eile.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an fhìor-àm aig Oifis a' Phuist tighinn agus seo a chàradh," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

  • Am Post Rìoghail (Beurla)

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh