BBC Naidheachdan

À Gallaibh a Ghreenwich

Published
image copyrightother
image captionCeithir-timcheall an t-soithich, tha a-niste 7,000 meatar ceàrnagach de Ghallaibh.
'S i sgleat Gallach a chaidh a thaghadh airson an ceàrnag timcheall air a' Chutty Sark ann an Greenwich ann an Lunnainn a chòmhdachadh.
Chaidh 7,000 meatar ceàrnagach den chloich òrdachadh bho chuaraidh an Spideil, airson a' phròiseict gus an soitheach ath-fhosgladh don phoball, às dèidh mar a chaidh a sgrios ann an teine ann an 2007.
Chosg an obair-càraidh £50m uile gu lèir, 's chaidh an soitheach fhosgladh leis a' Bhàn-righ deireadh a' Ghiblein am bliadhna.
Chaidh an Cutty Sark - an cliobair teatha as sine a tha fhathast anns an t-saoghal - a thogail ann an Dùn Bhreatann.
Tha i air a bhith ri fhaicinn ann an Greenwich bho 1954.
Tha coltas nan leacan, a rèir choltais, air ùidh a nochdadh bho phròiseactan eile ann an Lunnainn.
Dh'fhaodadh gun tig buannachd mhòr do chompanaidh bhig Ghàidhealach - no Gallach - às ath-nuadhachadh tè de na soithichean malairt as ainmeil a th' ann.