Coltas ùr airson a' chanàil
- Air fhoillseachadh
Bu chòir barrachd a dhèanamh leis a' Chanàl Chailleannach ri linn leasachaidhean ceangailte ri seach-rathad Inbhir Nis.
Sin aon de na rudan a thàinig bho sheachdain de cho-chomhairleachadh a th' air a bhith a' dol sa bhaile.
Mhair an charrette ceithir là.
Bheir seach-rathad Inbhir Nis buaidh air Taobh Abhainn Nis, Tòrr Bheathain agus Baile Theàrlaich, agus tha cuid draghan gun caill an sgìre goireasan spòrs luachmhor.
Seo a' chiad turas a chleachd Comhairle na Gàidhealtachd charrette.
Thuirt Probhaist Inbhir Nis, Ailig Greumach, gun robh e toilichte le mar a dh'obraich e agus gun cleachdadh an t-ùghdarras an siostam a-rithist.