Cead do thuath-gaoithe an Leòdhas

Thug Riaghaltas na h-Alba cead airson tuath-gaoithe an iar air Steòrnabagh ann an Leòdhas anns am bi 36 crann.

Tha an sgeama ga chur air adhart le Lewis Wind Power Earranta, co-bhanntachd eadar AMEC, EDF Energy agus Urras Steòrnabhaigh.

Thuirt an riaghaltas gun tèid cumhachd gu leòr a chruthachadh airson 60,000 dachaigh agus gun tèid cùmhnantan-togail luach £40m a chruthachadh dhan eaconomaidh ionadail.

A-rèir an riaghaltais, tha seo a' cur ris a' chùis làidir a th' ann mu thràth airson càbal mòr dealain a chur eadar na h-eileanan agus tìr-mòr.