Bonn-airgid dha fear as na Stàitean

Pìobaire
Image caption Chan fhaigh ach mu cheud neach cothrom farpais aig Cruinneachadh a' Chinn a Tuath.

'S e fear, trì thar fhichead bliadhna a dh'aois a choisinn an duais is cliùtaiche a th'ann ann an saoghal na pìobaireachd Diardaoin.

'S e Calum Beaumont a Bo'ness a thog bràidse Cruinneachadh a' Chinn a Tuath.

Cha robh Calum idir a' sùileachadh gum buannaicheadh e agus e an dèidh an èileadh aige a thoirt dheth mus deachaidh na duaisean a thoirt seachad.

Seo a' chiad turas aige a' cluich san fharpais agus 's ann ann a briogais jeans a thog e an duais.

Bonn-airgid

Thuirt e gur e urram mhòr dha rìribh a bh'ann dhà agus e air a bhith cluich bho bha e seachd bliadhna a dh'aois.

'S e fear as na Stàitean Aonaichte Derek Midgely, a tha na fhear-cathrach air Comunn na Pìobaireachd, a choisinn am bonn-airgid le Mìcheal Fitzhenry, à Glaschu, anns an dàrna àite.

Chaidh a chiad àite ann am farpais na Caismeachd, Strath Spè 's Ridhil, gu Uileam MacCallum à Glaschu.