Dùil ri buannachd à tuath-gaoithe

Tuath-gaoithe Image copyright PA
Image caption Thug Riaghaltas na h-Alba cead airson tuath-gaoithe an iar air Steòrnabagh anns am bi 36 crann.

Bidh àite mòr aig na h-Eileanan an Iar ann an gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail, a rèir cheannardan Comhairle nan Eilean Siar.

Thug iad am beachd seachad 's cead ga thoirt do thuath-gaoithe faisg air Steòrnabhagh anns am bi 36 crann.

Tha an sgeama ga chur air adhart le Lewis Wind Power Earranta, co-bhanntachd eadar AMEC, EDF Energy agus Urras Steòrnabhaigh.

Thuirt an riaghaltas gun tèid cumhachd gu leòr a chruthachadh airson 60,000 dachaigh agus gun tèid cùmhnantan-togail luach £40m a chruthachadh dhan eaconomaidh ionadail.

Buanachd

Thuirt fear-gairm CNES, Tormod Dòmhnallach, gur e fìor dheagh naidheachd a th'ann dhan choimhearsneachd.

''Gheibh a' choimhearsneachd buananchd ann an iomadach dòigh", thuirt e.

''Tha sinn air a bhith a' coimhead le leasachaidhean den t-seorsa seo, gu tig eadar 15% agus 20% den teachd a-steach agus an t-ionmhas bho na tuathan-gaoithe dhan choimhearsneachd air dòigh air choireigin.

''S e sin a tha sinn air a bhith a' sireadh bho thùs agus tha sinn air sin fhaighinn bhon fheadhainn a chaidh a cheadachadh gu ruige seo", thuirt e.

Càbal-Mara

A-rèir an riaghaltais, tha seo a' cur ris a' chùis làidir a th' ann mar thà airson càbal mòr dealain a chur eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr-Mòr.

Tha Siamarlan an Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, misneachail gun tig an càbal taobh a-staigh trì bliadhna.

''Tha ceist fhathast ri fhreagairt", thuirt e.

"Tha fios againn gu bheil cosgaisean mòra an cois a' chàbail ach chaidh gealltanas a thoirt dhuinn gum bi sinn air ar ceangal ann an trì bliadhna eile.

''Bhiodh e glè thàmailteach as dèidh na strì, cosgais agus an ùine a tha daoine air a bhith a' feitheamh, ma bhios an càbal na chnap-starra.'

''Tha fios againn a-nis na tha tachairt ann an Èisginn agus air iomall Steòrnabhaigh gum feum sinn ceangal san aithghearrachd agus gum faigh na h-eileanan seo an aon chothrom sa tha àiteachean air Tìr-Mòr", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo