Peinnseinear a chail a bheatha air ainmeachadh

Loch Obha à Cruachan
Image caption Chaidh Mgr Sproule a dhìth air Cruachan Disathairne.

Tha na poilais air an t-seann duine a chaill a bheatha air Beinn Cruachan ann an Earra Ghàidheal air an deireadh sheachdain, ainmeachadh.

'B ann à Dùn Eideann a bha Alexander Sproule, 74 bliadhna a dh' aois.

Chaidh Mgr Sproule a sgaradh bhon bhuidhinn a bha a-muigh còmhla ris Disathairne.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean-èiginn goirid as dèidh 2100 oidhche Shathairne.

Bha buidhnean teasairginn agus heileacoptair RAF a-muigh ga shireadh gu uairean beaga na maidne.

Chaidh an corp aige lorg mu 0930 madainn Dhidòmhnaich.