An tiotal a' dol dhan Bhail' Ùr

Caman
Image caption Tillidh an tiotal gu Bail' Ùr an t-Slèibh a-rithist.

Tha Bail' Ùr an t-Slèibh cha mhòr cinnteach air Prìomh Lìog na h-iomain a bhuannachadh a-rithist.

Rinn am Bail' Ùr a' chùis air Gleann Urchadain 1-0 aig an deireadh-sheachdain, an tadhal a' tighinn bho Evan Menzies.

Dh'fhàg sin gu bheil am Bail' Ùr 2 phuing air thoiseach air Caolas Bhòid is gun ach geama air fhàgail aig an dà sgioba.

Tha sgioba Bhaideanaich 13 air thoiseach air Caolas Bhòid ge-tà a thaobh diofar nan tadhal, is bu chòir gum bi sin gu leòr dhan Bhail' Ùr son an tiotal a ghlèidheadh an treas bliadhna ann an sreath, fiù 's is gun caill iad an geama mu dheireadh aca.

Sòraidh slàn

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog Disathairne bha Eilean Bhòid ag ràdh sòraidh slàn ris an ìre as àirde is fios aca mar tha gun robh iad a' dol a chrìochnachadh aig bonn na lìge.

Fhuair iad ge-tà a' chiad phuing aca ann an grunn sheachdainnean as dèidh dhaibh Ceann Loch Seile a chumail aig 2-2.

Tha sin cuideachd a' ciallachadh gu bheil Ceann Loch Seile a' crìochnachadh le 16 puingean, deagh oidhirp sa chiad sheusan acasan aig an ìre seo.

Dlùth

Tha Loch Abar a' teannadh dlùth air àite a stèidheachadh dhaibh fhèin sa Phrìomh Lìog.

Rinn an sgioba à Drochaid an Aonaichain a' chùis air Cabair Fèidh 6-3, ged a bha iad air deireadh 3-0 as dèidh leth uair a thìde.

Chaill na Sgitheanaich 2-1 an aghaidh na Manachainn, a' fàgail gu bheil Loch Abar a-nise aig mullach na lìge agus na Sgitheanaich air dà gheama a bharrachd a chluich.

Ann an iomain nam ban bhuannaich Obar Dobhair Cupa Valerie Fhriseal agus 's iad Loch Abar a thog Cupa Dùbhlan Marine Harvest.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile