Soirbheachas Chaol Àcain

'S iad Caol Àcain a bhuannaich Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse, as dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Slèite 5-2.

Bha fios aig Caol Àcain ro-làimh nach robh a dhìth orra ach puing son an tiotal a thoirt air falbh bho Shlèite, a bhuannaich an lìog ann an 2010 is 2011.

Bha Slèite fhèin feumach air trì puingean son an tiotal a chumail ach air a' cheann-thall chan e geama ro fhaisg a bh'ann, is Caol Àcain pìos ro làidir son na nàbaidhean aca.

Ann an Leodhas 's e Càrlabhagh a bhuannaich Cupa Moldova air breaban peanais an aghaidh an Taobh Siar.

'S e seusan eachdraidheil a tha air a bhith ann do Chàrlabhagh.

Cha robh an cluba air farpais sam bith a bhuannachadh bho 1957, ach tha iad a-nise air Cupa a' Cho-Op agus Cupa Moldova a thogail taobh a-staigh seachdain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo