Ionnsaidh ann an Uibhist a Tuath

Tha duine a tha 51 bliadhna a dh'aois air nochadh sa chùirt anna Steòrnabhagh fo chasaid gun tug e ionnsaidh air duine eile ann a Uibhist a Tuath an t-seachdainn sa chaidh.

Nochd Raibeart MacUilleim sa chùirt an diugh fo chasaid gun tug e ionnsaidh air an duine eile agus a dh'fhag e air a dhroch leòn.

Cha do rinn MacUilleim tagradh sam bith agus chaidh a chumail an greim.

Tha duine a tha 50 bliadhna a dh'aois air a bhith faighinn cùram san ospadal airson lotan air aghaidh às dèidh na h-ionnsaidh a thachair ann a Loch nam Madadh Dihaoine.