Comhairle do phoidhleatan ro dheuchainn NATO

Chinook Image copyright MOD
Image caption Tha ''Joint Warrior'' a dol bhon 1-11mh dhen Damhair

Tha Ùghdaras Adhar na Dùthcha (CAA) a comhairleachadh faiceal do sgiobaidhean adhair sìobhalta roimh'n deuchainn NATO a tha a' dol air adhart san Damhair.

Tha an deuchainn ''Joint Warrior'' a tachairt dà uair sa bhliadhna sa Ghiblean agus an Damhair.

Bi feachdan air muir, tìr sna speuran air feadh Bhreatainn a' gabhail pàirt san deuchainn a tha na ullachadh do fheachdan NATO airson cogadh agus airson dèiligeadh ri ionnsaidhean ceannarc.

Tubaistean

Tha an CAA air rabhadh a thoirt do phoidhleatan sìobhalta a bhith mothachail gu bheil na deuchainnan go bhi dol eadar 1-11mh dhen Damhair.

Anns an deuchainn mu dheireadh sa Ghiblean theab heileacoptair Merlin, itealanTornado a bhualladh faisg air an t-Eilean Sgiathanach.

Ann a sgìre Mhoireabh theab tubaist a bhi ann eadar Tornado agus itealan eile.

Faiceal

Tha iad a molladh faiceal ma tha poidhleatan sìobhalta a dol gu ruige na sgìrean far am bi an deuchainn a gabhail àite oir bi na speuran trang agus cha bhi na h-itealan cogaidh a' suibhal a-rèir na riaghaltean àbhaisteach.

Chaidh innse do sheoladairean agus iasgairean gum bith luing-cogaidh agus bàtaichean-aigeinn a sàs anns an deuchainn cuideachd.