Croitean ùra nam fuasgladh air aireamh sluaigh

Teaghlach Image copyright bbc
Image caption Aireamh an t-sluaigh air a bhith tuiteam bhon 18mh agus 19mh linn.

Dh'fhaodadh croitean ùra fuasgladh a thoirt air mar a tha na h-Eileannan an Iar a bhith call sluagh a-reir cathraiche Stòras Uibhist.

Ri linn Fuadach nan Gàidheal anns an 18mh sa 19mh linn chaidh teaghlaichean a fògradh bhon dachannan agus tuathan caorach a' steidheacahdh nan àite.

Bho 1883 tha aireamh an t-sluaigh ann a Uibhist a Deas air tuiteam bho 6,000 gu nas lugha na 2,000.

Fuadach nan Gàidheal

Thuirt Aonghas MacIlleMhaoil bho Stòras Uibhist gun robh atharrachadh ann a laghan co-cheangailte ri croitearachd air cothroman a nochdadh airson croitean ùra.

''Tha Achd na Croitearachd 2010 air cothrom a thoirt seachad gus lùghdachadh an aireamh do chroitean a tha falamh, nuair nach eil daoine a fuireach air a chroit aca neo ga chuir gu feum.''

''Tha cothroman air leth ann airson croitean ura gu h-araid fon achd 2010 's dh'fhaodadh seo stad a chuir air na h-eileanan a bhith call sluagh.''

''Faighinn Seachad air na Fuadaichean''

Aig a cho-labhairt ris a canar ''Faighinn Seachad air na Fuadaichean'' bha riochdairean bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba agus Urras Oighreachd Ghabhsainn an lathair.

Thuirt Mgr MacIllemhaoil gun robh sealbh aig daoine air an fhearainn deatamach gus daoine thàladh air ais gu sgìrean dùthchail.

''Tha dearbhadh againn gu bheil e ag obair - leis gu bheil aireamh an t-sluaigh ann an Giogha agus Eige a dol suas airson a chiad uair ann a 100 bliadhna.''

''Chan eil adhbhar sam bith ann carson nach b'urrainn coimhearsneachdan eileanach a bhi deanamh barrachd a thàobh na seirbheisean aiseig a rianachadh gus am bith iad a' frithealadh feumalachdan an t-sluaigh neo fuis a' coimhead as deidh storas nadurra na sgìre.''