Coinneamh eadar an EIS agus luchd-teagasg

Pupil writing Image copyright bbc
Image caption Tha cuid do thidsearan bho sgoiltean ann an Leòdhas agus na Hearadh a tha a' faireachdainn gu bheil an cosnaidhean ann an cunnart.

Tha aonadh an luchd-teagaisg, an EIS, a' cumail coinneamh Diciadain airson tidsearan bho sgoiltean ann an Leòdhas agus na Hearadh a tha a' faireachdainn gu bheil an cuid cosnadh agus cùmhnantan obrach ann an cunnart.

Tha obair tidsearan ciùil, ealain agus P.E sna bun-sgoiltean a' tighinn gu ceann, le tidsearan àbhaisteach a' gabhail an obair os-làimh.

Bidh an t-aonadh cuideachd a' faighneachd do cheannardan sgoile de bhuaidh a bhitheas aige seo air dòighean obrach agus an curriculum.

Gearraidhean

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum feum iad airgead a ghearradh à cùnntas an fhoghlaim agus tha tidsearan chuspairean sònraichte sna bun-sgoiltean gu bhith air an gearradh mar phàirt dhan sin.

Chaidh iarraidh air na tidsearan a tha ag obair ann an grunn sgoiltean sna h-eileanan, cuideachadh a thoirt dha na tidsearan àbhaisteach sna bun-sgoiltean, na cuspairean a theagasg.

Eagal

Ged a chaidh gealltain nach deadh duine a chur às an dreuchd an aghaidh an toil, tha tidsearan a-nis gabhail eagal gun caill iad an cosnaidhean, no aig a' char as fhèarr, gum bi iad na luchd-fàire nuair a bhios na tidsearan àbhaisteach dheth.

Tha an EIS air coinneamh a ghairm ri na tidsearan ann an Àrd-sgoil MhicNeacail Diciadaoin aig leth uair as dèidh ceithir.

Thuirt riochdaire an EIS, Richard Friseal, gun robh iad ag iarraidh na draghan a bh'aig luchd-teagaisg a thoirt fa chomhair luchd-stiùiridh an fhoghlaim.

Tha iad cuideachd gu bhith a' faighneachd do cheannardan sgoile, dè a' bhuaidh a bheir na gearraidhean air a' churriculum agus an uallach obrach a th'air tidsearan nam bun-sgoiltean san fharsaingneachd.