Moireach a' soirbheachadh ann an New York
- Published
Tha Andaidh Moireach air a chiad farpais Grand Slam a bhuanachadh.
Ann an uairean beaga na maidne bha gàirdeachas ga dhèanamh anns gach cearnaidh dhen Rìoghachd Aonaichte.
Rinn e a' chùis air a charaid Novak Djokovic as dèidh còig seataichean a chùm daoine air feadh na dùthcha air an cois anmoch.
Bha seo gu h-araid fìor sa sgìre aige fhèin - Dùn Bhlàthain far an robh sean agus òg a' cruinneachadh ann an taighean-osta agus àite sam bith leis an tennis air an Tbh.
Thòisich am Moireach gu làidir
Thòisich am Moireach gu làidir a' buanachadh a' chiad dà seat 7-6 (12-10) 7-5.
Ach 's e Djokovic s' dòcha an cluicheadair is rithinne a chuir cas riamh air cùirt tennis agus thàinig sin am bàrr is e a' buannachadh e an ath dhà seat (2-6 3-6.)
Bha an geam co-ionnan aig 2-2.
Roimhe ann an suidhichidhean mar seo tha am Moireach air gèileadh.
Anns na cethir cuairtean deireanach sa robh e an sàs roimhe bha rudeigin a dhìth air - bha e air cluiche math, ach bha Federer is Djokovic ro làidir.
Beò-ghlacadh
Bha an dùthaich agus an saoghal air am beò-ghlacadh.
Gu dearbha s'fhiach fuireach an àirde anmoch.
Cha robh freagairt aig Djokovic san chòigeamh seat agus ghlèidh Moireach an tiotal 7-6 (12-10) 7-5 2-6 3-6 6-2.
A bharachd air cliù an cois a bhith a' chiad duine à Breatainn a shoirbhich aig Grand Slam ann an 76 bliadhna, thèid an teachd a-steach aige am meud cuideachd.
Tha cuid a' tomhais gu faigh e £20 millean a bharrachd ri linn.
A thuilleadh air a sin, chaidh saorsa Bhaile Sruighlea a thabhainn air.
Geamaichean Oilimpiceach
Tha cuid dhen bharail gun tug bonn òir aig na Geamaichean Olimpiceach misneachd don Mhoireach.
Tha cuid eile a' comhrachadh buaidh a choidse Ivan Lendl - fear eile a bhuanaich a' chiad Grand Slam as dèidh call ann an còig cuairtean deireanach.
Cha robh deasbad ann mun comas neo an tàlant aig Andaidh ach bha cuid a' ceasnachadh a mhisneachd.
Bha a' cheist sin air a freagairt, agus 's e cheist a th'air billean an t-sluaigh a-nise - cia mheud Grand Slam a bhuanaicheas e a-nise.