Seirbheis naidheachd cudthromach

Coinneach MacGuaire
Image caption 'S e Coinneach MacGuaire a thug seachad òraid an t-Sabhail Mhòir.

Tha obair luchd-naidheachd nas cudhthromaiche na bha e riamh roimhe a-rèir Stiùiriche a' BhBC an Alba, 'se a' toirt seachad òraid bhliadhnal Shabhal Mòr Ostaig Dimàirt.

Thuirt Coinneach MacGuaire gu bheil luchd-naidheachd a' BhBC a' cur dìon air cliù na buidhne mar chraoladair neo-eisimealach, ùghdarrasail agus cothromach agus tha sin a' sìor fhàs cudthromach ann an saoghal far a bheil barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn na bha rìamh roimhe air an eadar-lìon agus air làraich shòisealta, thuirt e.

"Tha mi a' creidsinn gur e an dùbhlan as motha a tha romhainn gum bi sinn - ann an saoghal far a bheil iomadh guth gan cur ann an clò - gum bi fios agus cinnt aig an luchd-amharc agus an luchd-èisdeachd, gu bheil na thathar a' tabhainn dhaibh fìrinneach.

"Sin far a bheil neart a' BhBC, an dà chuid a dèanamh cinnteach gu bheil sinn neo-eisimileach agus fìrinneach leis gach naidheachd a tha sinn a' cur mu choinneamh an luchd-èisteachd agus an luchd-amhairc", thuirt e.

Obraichean

Chaidh Mgr MacGuaire, às àicheadh gum biodh droch bhuaidh air seirbheis naidheachd na buidhne nan cailleadh dithis dhen cheathrar àrd luchd-naidheachd ann an roinn na Beurla air a Ghàidhealtachd an cuid obrach, mar a thathar a' moladh.

Thuirt e nach e lagachadh air seirbheis naidheachd a' BhBC sa cheann a tuath a bhiodh ann, nam falbhadh na h-obraichean.

"Chan eil mise ga fhaicinn mar sin, gu bheil sinn a' lagachadh roinn nan naidheachdan, air sàilleabh is gu bheil barrachd luchd-naidheachd againn ag obair air a' Ghàidhealtachd an-drasta na bh'againn aig àm sam bith roimhe seo.

"Tha sinn a' dol a dhèanamh cinnteach gum bi an aon seòrsa seirbheis, gum bi e a cheart cho math sa tha e an-dràsta no nas fheàrr, agus tha sinn cinnteach gun urrainn dhuinn sin a dhèanamh", thuirt e.

Uallach

Chaidh Mgr MacGuaire às àicheadh cuideachd aithrisean gun rachadh uallach a bharrachd air luchd-obrach ann an roinn naidheachdan na Gàidhlig, nam biodh obraichean gan gearradh air taobh na Beurla.

"Tha na h-aonaidhean a' còmhradh ruinn fad na sìde agus thairis air na seachdainnean a tha romhainn bidh sinn a' còmhradh ri na h-aonaidhean, mar sin èisdidh sinn ri na h-acasan ri ràdh air a' chuspair seo.

"Bu mhath leam a ràdh gu bheil roinn na Gàidhlig agus na Beurla anns a' BhBC air a bhith ag obair còmhla ron a seo - chan eill sinn a' dol a dh'iarraidh barrachd air neach sam bith seach na tha iad a' toirt seachad an-drasta", thuirt e.

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile