Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

12 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Chaidh cion-cosnaidh ann an Alba suas airson a' chiad thuras ann an sia mìosan. Bha an àireamh gun obair suas ceithir mìle eadar an Cèitean agus an Iuchar gu dà cheud agus trì thar fhichead mìle. Bha seachd mìle nas lugha gun chosnadh ann am Breatainn gu lèir, aig beagan nas lugha na dà mhillean agus sia ceud mìle.

Neo-eisimileachd

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil brigh sam bith ann an aithrisean gum feumadh Alba neo-eisimeileach ballrachd às ùr iarraidh anns an Aonadh Eòrpach. Thuirt fear-labhairt bhon Chomisean Eòrpach an-dè gum feumadh dùthaich sam bith a th' anns an aonadh an-dràsta, agus a gheibheadh neo-eisimeileachd, tòiseachadh às ùr taobh a-muigh an aonaidh. Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown, gur e oifigear-meadhanan a bh' anns an fhear-labhairt aig nach eil eòlas air seasamh oifigeal a' Choimisein.

Hillsborough

Tha feadhainn a chaill càirdean ann an tubaist stèidium ball-coise Hillsborough a' faighinn a' chiad chothroim air pàipearan a bha dìomhair gu ruige seo. Chaidh ceithir fichead 's sia duine deug de luchd-taic Liverpool a phronnadh gu bàs san stèidium ann an Sheffield ann an 1989. Tha mòran theaghlaichean a' cur teagamh anns a chunntas oifigeal air na thachair. Tha panal neo-eisimeileach air a bhith a' sgrùdadh na cùise.

Teine

Tha fios ann a-nis gun deach còrr 's ceud duine a mharbhadh ann an teine aig factaraidh aodach ann an Karachi, am baile as motha ann am Pacastan. Leum mòran a-mach às an togalach gu sàbhailteachd ach bha clann agus boireannaich a-measg na bha glacte na bhroinn.

Tuath-gaoithe

Tha a' chompanaidh chumhachd choimhearsnachd Point and Sandwick Power a' cumail coinneimh phoblaich a-nochd airson innse mun adhartas a tha iad a' dèanamh le sgeama tuath-gaoithe a bheireadh millean not gach bliadhna dhan choimhearsnachd. Tha a' chompanaidh air a bhith a' feuchainn ri aonta fhaighinn le AMEC, aig a bheil còirichean leasachaidh air Oighreachd Urras Steòrnabhaigh, agus tha e coltach a-nis gu bheil iad air sin a dhèanamh.