Piseach air an rathad-iarainn
- Published
Thèid còrr 's cairteal na h-uaireach a ghearradh far an ùine a tha e a' toirt a bhith a' siubhal eadar meadhain na h-Alba agus a Ghàidhealtachd air trèan.
Dh'fhoillsich Scotrail gun tig piseach air na seirbheisean eadar Inbhir Nis, Glaschu agus Dùn Eideann ro dheireadh na bliadhna, ri linn an obair leasachaidh a tha ga dheanamh air na loighnichean reile.
A mach a 20 treana bi 15 a dol nas luaithe na a chlàr-ama a th'ann an dràsta.
Bhi 4 dhiubh 4 mionaid nas slaodaiche aig a char is fhaide.
A' Mhanachainn
Bi na trèanaichean stad aig A' Mhanachainn fon chlàr ùr.
Roimhe bha trèanaichean a stad dìreach nuair a bha iarrtas ann bho luchd-siubhal.
Chuir Dàibhaidh MacThòmais BPA na sgire fàilte air an naidheachd.
Seirbheis Bunaiteach
''Tha an roghainn aig First Group gus loidhne rèile na Gàidhealtachd seirbheis a leasachadh a tha bunaiteach dha na coimhearsneachdan againn.''
''Mar neach a tha tric a' suibhal eadar Inbhir Nis agus Dùn Eideann tha mi a cuir fàilte air an naidheachd gum bi an ùine suibhail nas giorra.
''Tha mi cuideachd toilichte gum bi an trèan a stad sa Mhanachainn. Tha e deatamach gu lean sinn oirnn ann a bhith a' maoineachadh seirbhies rèile le barrachd is barrachd a suibhal air an rathad-iarainn.
''Tha mi a' coimhead air adhart ri barrachd leasachaidh rè ùine.''