Cupa na Camanachd

Cupa na Camanachd Image copyright SNS
Image caption A' chiad turas a bhios dà sgioba bhon cheann a deas a' cluiche cuairt dheireannaich anns a' cheann a deas.

Cluichidh dà sgioba bhon cheann a deas a chèile ann an cuairt dheireannach de Chupa na Camanachd son a' chiad uair bho 1983.

A thuilleadh air sin 's e seo a' chiad chuairt dheireannach den chupa a ghabhas àite anns a' cheann a deas eadar dà sgioba bhon cheann a deas.

Tha Inbhir Aora agus Caol Bhòid air coinneachadh trì tursan mar-thà am bliadhna - b' iad Inbhir Aora a bhuinig a' chiad dà gheama.

A' dèanamh na cùise 2-1 ann an Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu anns a' Ghiblean agus a' tighinn am bàrr 1-0 ann an Cupa Mhic Amhlaigh anns a' Chèitean.

Choinnich iad an uairsin anns an Og-mhios anns a' Phrìomh Lìog is b' iad Caol Bhòid a shoirbhich 4-1 an turas sin.

Inbhir Aora

Tha na geamaichean a tha sin a' dearbhadh a' chliù a tha Inbhir Aora air cosnadh dhiabh fhèin thar nam bliadhnaichean airson a bhith na sgioba a tha air a bhith soirbheachail anns nan cupanan ach nas laige anns an lìog.

Tha iad an dràsda anns an ochdamh àite sam Phrìomh Lìog.

Ach a dh' aindeoin sin thog iad Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu am bliadhna às dèidh a' chùis a dhèanamh air Taigh an Uillt 14-0, an àireamh as motha de thadhail a chaidh a chur a-riamh anns a' chuairt dheireannaich.

Fhuair iad cuideachd chun an iar-chuairt dheireannach de Chupa Mhic Amhlaigh, a' call sa mhionaid mu dheireadh an aghaidh Camanachd an Òbain.

A-nis tha iad a' feitheamh airson cuairt dheireannach Cupa na Camanachd son a' cheathramh turas ann an deich bliadhna.

Farpais a tha Inbhir Aora air buinig ceithir tursan nan eachdraidh.

Tha sgiobair na sgioba, Scott Robasdan ag aideachadh gu bheil iad nas làidire anns na cupanan.

Caol Bhòid

Tha Caol Bhòid air an cupa a bhuinig 20 turas, an turas mu dheireadh ann an 1994.

A-rèir coidse sgioba Thaigh na Bruaich, Seumas Perlich chan eil càil cho cudthromach ri Cupa na Camanachd.

Disathairne

Inbhir Aora an aghaidh Caol Bhòid.

Bidh an geama air fad ri chluinntean beò air BBC Radio nan Gàidheal bho 14:03.

Tuilleadh air an sgeulachd seo