Moladh ùr air roinnean pàrlamaid

Westminster Image copyright Other
Image caption Thathas an dùil gum biodh na h-atharraichean gan cur an sàs son taghadh a dh'fhaodadh a bhith ann ann an 2015.

Tha Coimisean nan Crìochan a' moladh ceithir roinnean pàrlamaid airson taghaidhean Westminster a stèidheachadh ann an sgìre na Gàidhealtachd, Earra Ghàidheal 's Bòd agus Moireibh, an àite na còig a th'ann an-dràsta.

Thèid an àireamh de roinnean pàrlamaid anns an Rìoghachd Aonaichte a ghearradh bho 650 gu 600.

Fàgaidh seo gun caill Alba seachd roinnean Pàrlamaid.

Thèid dà roinn phàrlamaid - na h-Eileanan an Iar agus Arcaibh 's Sealtainn - fhàgail mar a tha iad.

Feumaidh eadar 72,810 agus 80,473 duine a bhith a' fuireach ann an gach tè den na roinnean pàrlamaid eile.

Molaidhean

Am measg na tha a' nochdadh ann am molaidhean ùra a' choimisein, tha gun tèid sgìre Mhoireibh agus Inbhir Narann a thoirt còmhla - seach sgìre Mhoireibh agus Strath Spè mar a bha chaidh moladh an toiseach.

Thathas a-nis am beachd Bàideanach agus Strath Spè a chur a-steach còmhla ri Inbhir Nis agus an t-Eilean Sgitheanach.

Rachadh an Caol a chur an lùib roinn phàrlamaid air am biodh Earra-Gàidheal 's Bòd agus Loch Abar a Deas.

'S e Gallaibh, Cataibh, Rois agus Crombaidh an roinn phàrlamaid as motha a bhiodh air a' Ghàidhealtachd a thaobh meud na sgìre.

Chaidh na molaidhean fhoillseachadh agus co-chomhairle a mhaireas ochd seachdainnean a-nis air tòiseachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile