Aonta air tuath-gaoithe

Crann Image copyright Other
Image caption Tha Point and Sandwick Power an dùil an tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha ann am Breatainn a thogail.

Dh'innis a' chompanaidh choimhearsnachd Point and Sandwick Power gun d'ràinig iad aonta le AMEC agus Urras Steòrnabhaigh a thaobh tuath-gaoithe a tha san amharc aca an iar air Steòrnabhagh.

Bhiodh trì cruinn ghaoithe san leasachadh agus 's e an tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha ann am Breatainn a bhiodh ann.

Le cead a-nis aca feumaidh a' chompanaidh còmhradh ris a' bhanca son dèanamh cinnteach gu bheil suidheachadh an ionmhais air fad aca ann an òrdugh, is an uairsin aonta a ruighinn air na cùmhnantan obrach fhèin.

Tha Point and Sandwick Power an dòchas ge-tà gun tòisich obair trath ann an 2013.

Beachdan

Dhearbh a' chompanaidh cuideachd gun d'fhuair iad beachdan gu leòr bhon choimhearsnachd air ciamar a thèid teachd a-steach de £1m gach bliadhna a chosg.

Thig aithisg bhuapa an ceartuair ach dh'innis iad mar-thà gu bheil iad an dùil airgead a chosg air leasachaidhean eaconomach a chruthaicheas cosnaidhean san sgìre.

Thèid taic cuideachd a chur am measg eile ri àiteachas, croitearachd agus pròiseactan a bharrachd co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail.

Thathas an dùil cuideachd maoineachadh a chur ri oidhirp gus turasachd a bhrosnachadh san Rubha.