Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Hillsborough

Tha Iartas a' sìor fhàs son casaidean a thogail an dèidh dha tighinn am follais gun do dh'fheuch oifigearan poileis ann an ceann a deas Shiorrachd Iorc ris a' choire son tubaist stadium ball-coise Hillsborough a chur air feadhainn a chaill am beatha ann. Thuirt fear a bha na Àrd Chonstabal san sgire sin, Ridsear Wells, agus a chaidh dhan dreuchd bliadhna an dèidh na tubaist ann an 1989, gum feum ceartas a bhith ann agus gur e cùis naire a th'ann gun do dh'atharraich poileis còrr is ceud pìos fianais.

Aimhreit fiolm

Bha tuilleadh àimhreit aig ambasaidean nan Stàitean Aonaichte anns an Ear-Mheadhanach, agus feadhainn a' togail fianais an aghaidh fiolm, a tha iad ag ràdh, a tha a' dèanamh dìmeas air Islam. Chaidh ionnsaidh a thoirt air an ambasaid Aimeirigeanach ann an Sanaa, am prìomh bhaile Yemeni agus bha upraid cuideachd ann an Cairo san Èipheit. Tha oifigich Aimeirigeanach a' rannsachadh an e ionnsaigh air an robh ceannaircich ag amas bho chion ùine a mharbh an tosgaire aca ann an Libia, seach sluagh a tha feargach mun fhiolm mun fhàidh Mhohammed.

Teine Factaraidh

Chaidh casaidean muirt a thogail an aghaidh feadhainn dham boin factaraidh aodaich ann am Pagastan far an deach faisg air 300 de luchd-obrach a mharbhadh ann an teine. Thuirt poileis ann an Karachi nach do sheall ceannardan na factoraidh cùram sam bith do shàbhailteachd an luchd-obrach.

Referendum

Tha Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba agus Rùnaire na h-Alba a' coinneachadh an-diugh a dheasbad nan riaghailtean son referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba. Bidh na còmhraidhean eadar Nicola Sturgeon agus Mìcheal Moore ann an Dùn Èideann feasgar.

Tubaist Rathaid

Tha rathad an A96 fosgailte a-rithist an dèidh tubaist a-raoir a dh'fhàg duine tha 21 bliadhna a dh'aois gu math ìosal san ospadal ann an Obair Dheathain. Chaidh coignear eile a ghoirteachadh san tubaist eadar Eilginn agus Farrais.

Sgeama Thaighean Croite

Tha Cathraiche Comataidh Croitearachd Comhairle nan Eilean Siar a' gearain gu làidir air na tha a' tachairt do Sgeama nan Taighean Croite agus an àireamh dhaoine a tha a' faighinn taic bhon sgeama air tuiteam gu faisg air leth an taobh a-staigh bliadhna. Bha Ùisdean Robasdan a' bruidhinn an dèidh aithisg a sheall gur e 37 duine a fhuair taic ann an 2011, sìos bho chòrr 's 60 ann an 2010.