BBC Naidheachdan

Tairgse Chal Mac às dèidh referendum

Published
image captionTha Aonadh an RMT dhen bheachd gur e an iomairt acasan a chur dàil sa chùis.
Tha aonadh an RMT a' cumail a-mach gun deach dàil suas ri 3 bliadhna a chur air planaichean Riaghaltas na h-Alba cuid de sheirbhisean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a chur a-mach gu tairgse.
Thuirt iad nach tachair e a-nis gus às dèidh an referendum air neo-eisimeileachd, agus gur e an t-strì a rinn iadsan as coireach gun deach bacadh a chur air a' chùis.
Ann an 2006 chaidh slighean aiseig Chal Mac a chur mach gu tairgse.

Iomairtean

'S e earrann de Chal Mac - Aiseagan Chal Mac Earranta - a bhuannaich an tairsge sin, agus tha an cùmhnant a' ruith gu 2013.
Ach a-nis tha aonadh an RMT ag ràdh gun tèid am proiseas tairgse son às dèidh 2013 a chur air ais 3 bliadhna.
Tha iadsan ag ràdh gur ann mar thoradh air na h-iomairtean acasan a tha an dàil seo air thighinn.
Bhòt buill an aonaidh, tha ag obair dhan chompanaidh aiseig - naoinear gu a h-aon son, iomairt obrach mas e is gun tigeadh na cùmhnantan obrach agus na peinnseanan aca ann an cunnart fon phroiseas.
Thuirt Còmhdhail na h-Alba nach eil ann ach fathannan aig an ìre sa, ach gur iad luchd-cleachdaidh nan aiseagan, na coimhearsnachdan, agus Cal Mac fhèin a gheibh fios an toiseach ma thèid co-dhùnadh sam bith a dhèanamh.