Làrach-lìn a tha airson cur às dhan riaghailt daoine a dhiùltadh às dèidh meadhan oidhche.
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceist clubaichean oidhche Inbhir Nis

17 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thàinig an co-chomhairleachadh aig Comhairle na Gàidhealtachd air am bu chòir cead a bhith aig clubaichean oidhche Inbhir Nis daoine a leigeal a-steach gu crìch aig an deireadh sheachdain.

B' e na poileis a dh'iarr an riaghailt an toiseach, 's iad ag ràdh gur e dòigh mhath a bhiodh ann smachd fhaighinn air dol a-mach mì-shòisealta air sràidean Inbhir Nis.