Iarrtas son ath sgrùdadh air baile ùr faisg air Inbhir Nis
- Published
Thèid iarraidh air comhairlichean Gàidhealach an t-seachdain-sa, beachdachadh a-rithist air plana gus baile ùr a thogail.
Tha planaichean anns son na mìltean de thaighean a thogail ri taobh an A96 eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann.
Tha ochdnar chomhairlichean ag ràdh gum bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh air co-dhùnadh chomataidh dealbhachaidh na Comhairle.
Thug iadsan cead seachad san Lùnasdal airson cha mhòr 5000 taigh ùr a thogail aig Tòr na Grèine.
Ath-sgrùdadh
Tha a' bhuidheann Moray Estates am beachd 4960 taigh, goireasan coimhearsnachd, bùthan agus ionadan gnìomhachais a thogail aig Tòr na Grèine.
Thug comataidh dealbhachaidh na Comhairle cead dhan na planaichean anns an Lùnasdal, le naoinear bhall a' dol an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin.
A-nis tha cuid dhen na comhairlichean sin - seachdnar buill neo-eisimileach agus Donaidh Kerr bho Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba - ag iarraidh ath-sgrùdadh air a' cho-dhùnadh sin.
Tha am Pàrtaidh Uaine ag ràdh nach robh leasachadh de a leithid ann am manifesto taghaidh gin dhen na pàrtaidhean.
Tadhalaidh buill na comataidh dealbhachaidh air an làraich a-rithist mus tig iad gu co-dhùnadh.