Cobhair air seòladair far Leòdhais

Gerry Beard Image copyright Iain Maciver
Image caption Bha Gerry Beard air an t-sligh dhachaidh à dèidh turais ann an Innis Tile.

Rinneadh cobhair air fear seòlaidh iacht ann an droch mhuir 40 mìle tuath air Rubha Ròbhanais aig an deireadh sheachdain.

Chaidh Gerry Beard, a tha 72 bliadhna dh'aois, a sguabadh dhan mhuir le stuadh mòr, ach chaidh aige air fhaighinn air ais air bòrd.

Chur e fios an uairsin air na seirbhisean èiginn, 's chaidh an iacht 's e fhèin a thoirt air ais a Steòrnabhagh le bàta teasairginn a' bhaile.

Thuirt Mghr Beard gu bheil e taingeal a bhith beò.