Luaidh ga dhèanamh air Comhairliche

An Comh. Bill Houston Image copyright CNES
Image caption Bha Mgr Houston na oifigear air CNES fad iomadh bliadhna mus robh e na Chomhairliche.

Tha luaidh ga dhèanamh air a' Chomh. Bill Houston, a chaochail air an deireadh-sheachdain, aois 60.

Chaidh Mgr Houston a thaghadh mar fhear de chomhairlichean Ùige 's Ceann a Tuath nan Loch aig taghadh na bliadhna seo.

Bha e a' riochdachadh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (SNP).

Mus robh e na chomhairliche bha e na oifigear aig CNES fad bhliadhnaichean.

Roimhe sin rinn e tòrr obrach às leth an SNP a thaobh an t-strì airson neo-eisimeileachd.

Oifigear

Ach a rèir a' Chomh. Dòmhnall Manford, cha robh seo a tighinn a-steach dhan obair aige mar oifigear.

''Cha robh fios agam gun robh an eachdraidh sin aige, 's ann às dèidh làimhe a dh'ionnsaich mi sin mu dheidhinn,'' thuirt e.

''Nuair a b'aithne dhomh e na oifigear chuir e sin gu mòr air chùl agus cha robh e a' tighinn a-steach dhan obair aige air dòigh sam bith.

'''S e duine dòigheil, fosgailte a bh' ann. Bha a chridhe anns an obair a bha e a' dèanamh. Bha e daonnan a' strì airson adhartas a dhèanamh gu seachd araidh sna h-Eileanan an Iar,'' thuirt e.

Poileataigs

Bha Mgr Houston air seasamh airson Pàrlamaid Westminister dhan SNP ann an Sruighlea ann a 1983 agus anns an Eaglais Bhric ann an 1992.

Thàinig e dha na h-Eileanan an Iar ann a 1998 nuair a fhuair e dreuchd mar Iar-Stiùiriche air Foghlam Coimhearsneachd.

Bha Mgr Houston air 35 bliadhna a chur seachad ag obair do dh'ùghdarasan ionadail air feadh na h-Alba.

Beartas

'''S e beartas a bh' ann do dhuine sam bith a bha eòlach air,'' thuirt Mgr Manford.

'''S e call mòr a th' ann dhan Chomhairle agus an SNP. Ach 's e a theaghlach agus a chlann air am bi ar smuaintean aig an àm seo.

''Bha iad cho prìseil dha agus bha gaol cho domhainn aige orra,'' thuirt e.

Tha Mgr Houston a' fàgail nighean agus dithis mhac às a dhèidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile