Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dealbhan Bana Dhiùc Chambridge

Tha an iris Eadailteach "Chi" air an iris as ùire a tha air dealbhan de Bhana Dhiùc Chambridge fhoillseachadh 's i leth-rùisgte. Dh'fhoillsich iad iris shònraiche fon ainm "Tha a' Bhànrigh Rùisgte!" Thèid luchd-lagha a' chùpail Rìoghail dhan chùirt ann am Paris an-diugh fhathast feuch stad a chur air iris Fhrangach bho bhi a' foillseachadh nan dealbhan a-rithist. Tha iad cuideachd airson 's gun tèid casaidean eucoir a thogail an aghaidh an dealbhadair.

Fianais ga thogail san Ear-Mheadhanach

Tha na ceudan air a bhith a' togail fianais ann am prìomh bhaile Afganastan, Kabul, an aghaidh bhidio a chaidh a dhèanamh sna Stàitean Aonaichte - a tha ga mheas toibheumach do dh'Islam. Tha e air aithris gun deach còrr air dà fhichead polasman Afghanach a leòn.

Alba san EU

Tha coimiseanair an fhisorachaidh an Alba, Rosemary Agnew air èisteachd èiginneach iarraidh air na cùirtean mu mar nach eil am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, a' freagairt iarrtas fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh, comhairle laghail sam bith a fhuair e mu shuidheachadh na h-Alba san EU às dèidh neo-eisimeileachd, fhoillseachadh. Tha am Prìomh Mhinistear ag ràdh gu nochd làn fhiosrachadh ann am paipear geal air an Referendum an ath-bhliadhna.

Neo-eisimeileachd

Tha an sgrùdadh as ùire air beachdan sòisealta ann am Breatain a' dèanamh dheth gu bheil timcheall air an treasamh cuid de dhaoine an Alba a' cur taic ri neo-eisimeileachd. Tha barrachd dhaoine airson 's gu faigh Pàrlamaid na h-Alba fhèin tuilleadh chumhachdan. Chaidh còrr 's 3000 duine bho air feadh Bhreatainn a cheasnachadh air grùnn chuspairean airson an rannsachaidh - leithid an NHS, fèin-riaghaladh agus in-imrich.

Cosnaidhean ùra do dh'Uibhist

Bidh 4 chosnaidhean ùra ann nuair a bhios muinleann clòimh ùr deiseil ann an Griomasaigh aig toiseach na h-ath-bhliadhna. 'S iad Buidhean Clòimh Uibhist a th'air cùlaibh nam planaichean. Tha dùil gun tòisich obair air a' mhuileann ùr aca am meadhan na h-ath mhìos. Tha a' bhuidheann a' ceannachd clòimh bho air feadh na dùthcha, ach gu h-àraid bho chroitearan ann an Uibhist fhèin.

Cobhair air fear-seòlaidh

Rinneadh cobhair air fear seòlaidh gheat ann an droch mhuir 40 mìle tuath air Rubha Ròbhanais aig an deireadh-sheachdain. Chaidh Gerry Beard, a tha 72, a sguabadh dhan a' mhuir le stuadh mòr, ach chaidh aige air fhaighinn air ais air bòrd. Chuir e fios an uairsin air na seirbhisean èiginn, 's chaidh an gheat 's e fhèin a thoirt air ais a Steòrnabhagh le bàta teasairginn a' bhaile. Thuirt Mghr Beard gu bheil e taingeal a bhith beò.

Rannsachadh air seirbheis-adhar

Thathas ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd £5000 chur ri cosgais aithisg air co-dhiù ghabhadh seirbhisean adhair a thòiseachadh eadar an t-Eilean Sgitheanach agus meadhan na h-Alba. Tha 24 bliadhna bho chaidh raoin laighe an Aiseig a chleachdadh gu cunbhalach. Tha a' Chomhairle, HiTrans agus HIE a' coimhead air an gabhadh seirbhisean ùra a chur air dòigh às.