Tachartasan Mòd 2012 gan ainmeachadh
- Published
Tha an tachartas ochd-là seo de cheòl, dannsa, dràma, ealain is litreachas na Gàidhlig an dùil na mìltean de dh'fharpaisich is luchd-turais a thàladh do sgìre Chòmhghaill.
Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' ruith eadar Dihaoine 12mh den Damhair agus Disathairne 20mh.
Tha 120 bliadhna ann bho chaidh a' chiad Mhòd a chumail san Òban.
'S e am Mòd an fhèis as cudthromaiche a th' ann do chànan na Gàidhlig ann an Alba, gu tric a' cur fàilte air luchd-labhairt na Gàidhlig is farpaisich bho cho fada air falbh ri Astràilia, na Stàitean Aonaichte agus Canada.
Fàilte Mhòr
Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich:
"Tha sinn uabhasach toilichte a bhith air ais ann an Dùn Omhain oir gheibh sinn fàilte mhòr bhon choimhearsnachd an seo.''
Bhon chiad chruinneachadh ann an 1892, tha Am Mòd air fàs gu mòr, agus e a-nis air an dàrna fèis chultarail as cudthromaiche a th' ann an Alba, a' faighinn barrachd taic agus a' tàladh luchd-turais bho air feadh an t-saoghail.
Ged is e tachartas farpaiseach gu mòr a tha sa Mhòd, tha buaidh mhòr aige aig ìre shòisealta.
Brosnachadh cultair na Gàidhlig
Le bhith a' brosnachadh agus a' comharrachadh cultair na Gàidhlig air an àrd-ùrlair, tha e a' toirt dhaoine is choimhearsnachdan - aig a bheil a' Ghàidhlig agus aig nach eil - còmhla.
Bidh an fhèis a' tòiseachadh air Dihaoine 12na an Dàmhair le tachartas fosglaidh mòr ann an Talla na Ban-rìghinn tràth feasgair.
Air iomall a' Mhòid, tha cothrom ann gach bliadhna do Ghàidheil agus Goill a bhith a' cruinneachadh gus càirdeas ùrachadh neo eòlas fhaighinn air caraidean ùra.
Am bliadhna tha tachartasan a' toirt a-steach chèilidhean air feadh na sgìre a bharrachd air cuirm airson a bhith a' comharrachadh ceangal 120 bliadhna eadar Comann na Clàrsaich is Am Mòd Nàiseanta Rìoghail.
Thèid seo air adhart oidhche Chiadain 17mh den Damhair le feadhainn a bhuainnich Buinn Òir - Wilma NicUalraig is Seumas Greumach, agus na clàrsairean Màiri is Calum MacLeòid.
Tighinn dhachaigh
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' cur fàilte air a' Mhòd a rèir an stiùiriche Ruairidh McCumhais:
"Gach uair a bhios am Mòd ann an Earra-Ghàidheal tha sinn a' faireachdainn gu bheil am Mòd a' tighinn dhachaigh, oir tha uidhir den eachdraidh againn cho ceangailte ris a' Mhòd.
"Is ann san Òban a bha a' chiad tachartas a-riamh ann an 1892 agus a-nis tha aithne eadar-nàiseanta aig an tachartas agus tha e a' tàladh luchd-leantainn bho air feadh an t-saoghail.
"Tha buannachd eile an cois a' Mhòid agus 's e sin an togail mòr a tha e a' toirt don eaconamaidh agus do dhualchas na sgìre agus a' tàladh foillseachaidh mhòir aig ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta, a' cuideachadh le iomhaigh a' bhaile far am bi an tachartas a'dol air adhart.''