Mòd Dhùn Omhainn
- Published
Tha obair mhòr a' dol ann an Dùn Omhainn, 's am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' tighinn chun a' bhaile air an ath-mhìos.
'S e seo an seachdamh turas a thèid am Mòd a chumail anns a' bhaile.
Bidh am Mòd a' ruith bhon 12mh là chun 20mh là dhen Damhair, agus tarraingidh e na mìltean dhaoine a dh'Earra-Ghàidheal.
Bidh cha-mhòr 1,650 duine cloinne bho air feadh na dùthcha a' gabhail pàirt ann am farpaisean na cloinne am bliadhna - mun aon àireamh 's a bh' ann nuair a chaidh am Mòd a chumail anns a' bhaile mu dheireadh ann an 2006.
Tha an àireamh fhireannach a chuir a-steach airson nam prìomh fharpaisean nas àirde am bliadhna.
Ullachadh mòr
Thuirt Cairistiona Stark, a tha na ball dhen chomataidh ionadail, gu bheil iad air trì bliadhna a chur seachad a' cruinneachadh airgid airson a' Mhòid, agus a' cur air dòigh nan goireasan a tha a dhìth.
"Tha sinn a' dèanamh fiughair air muinntir na Gàidhealtachd a' tighinn thugainn agus tha sinn an dòchas gun còrd am Mòd riutha nuair a thig iad," thuirt i.
Tha i a' dèanamh dheth cuideachd gur e àite gu math goireasach a th' ann an Dùn Omhainn airson an tachartais leis gur e baile beag a th' ann 's nach bi aig daoine ri cus siubhail a dhèanamh.
'S e deagh thìde uireas a tha a dhìth a-nis, thuirt i, airson dèanamh cinnteach gum bi Mòd soirbheachail aca.