Buaireadh mu losg-bhra-teine

Losg-bhra-teine
Image caption Bidh an fharpais a' gabhail àite ann an Eilean Èisdeil ann an Earra-Ghàidheal.

Tha buaireadh a' leantail eadar an fheadhainn a' bhios a' ruith farpais losg-bhra-teine ann an Eilean Èisdeil agus an uachdaran.

Thug Jonathan Feigenbaum, aig a bheil an seann chuaraidh far a bheil an fharpais ga cumail, rabhadh seachad gun teid e gu lagh ma thèid iad air adhart leis Didòmhnaich seo tighinn.

Tha e air airgead iarraidh airson am fearann aigesan a chleachdadh airson a' chiad turais anns a' 15 bliadhna a tha an fharpais air a bhith a' ruith.

Mhaoidh e a dhol gu lagh ma thèid an tachartas - aig a bheil dùil ris na ceudan dhaoine - air adhart.

Briseadh Dùil

Dh'iarr e cuideachd gum faiceadh e àrachas cunnart poblach Urras Coimhearsnachd Eilein Èisdeal.

Ann an litir fhosgailte don choimhearsnachd, thuirt an t-uachdaran:

"'S ann le cridhe trom, ach mar a chì sibh cha robh roghainn agam, a dh'fheumas mi a dhèanamh soilleir do dh'Eilean Èisdeal (an t-Urras) agus na stiùirichean aca gun deach cead a dhiùltadh airson fearann na companaidh a chleachdadh le buidheann, neach no tachartas sam bith airson losg-bhra-teine, no tachartas sam bith eile."

"Ma 's e 's gun tèid an tachartas air adhart, agus gun cleachdar fearann no maoin a tha leis an Easdale Island Company Limited, feumaidh an fheadhainn a nì sin tuigsinn gum bi iad ron lagh."

Ach thuirt an t-Urras gu bheil e ag iarraidh fada tuilleadh 's an còrr agus gun teid an fharpais air adhart mar as àbhaist.

Dhiùlt iad cuideachd an cuid àrachais chunnairt phoblaich a shealltainn.

Thathas a' tuigsinn gu bheil an t-uachdaran ag iarraidh £1,000 airson an cuaraidh a chleachdadh.

A' bruidhinn ris a' BhBC, thuirt am fear a tha a' stiùireadh na farpais, Dòmhnall Melville:

"Tha sinn air a bhith a' ruith na farpais seo o chionn 15 bliadhna sreath a chèile anns a' chuaraidh, le cead bhon uachdaran.

"'S e briseadh dùil mòr a th' ann. Tha sinn air a ruith gu ceart agus gu proifeasanta. Fhuair sinn measadh slàinte is sàbhailteachd ceart, agus bidh sinn a' cumail a rèir sin.

"Bidh an tachartas a' còrdadh gu mòr ris an fheadhainn a thig don eilean air a shon. 'S e craic mhath a th' ann, agus is truagh gur coltach gum bi £1,000 nas lugha againn ri chur ri tachartasan coimhearsnachd san eilean," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile