Lùghdachadh air luchd-siubhail adhair

  • Air fhoillseachadh
Itealan Flybe
Fo-thiotal an deilbh,
Bha mìos mheasgaichte aig puirt-adhair mu thuath

Thàinig lùghdachadh de cha-mhòr 35% air an àireamh luchd-siubhail a chaidh tro Phort-adhair Inbhir Ùige san Lùnastal.

Sheall figearan bho chompanaidh nam port-adhair HIAL gun robh an àireamh dhaoine a chleachd puirt-adhair Thiriodh, Bheinn nam Fadhla agus Steòrnabhaigh cuideachd sìos air a' mhìos roimhe.

Tha HIAL a' dèanamh dheth gur e mar a chaidh crìoch a chur air pròiseact nan sgoiltean ùra ann an Leòdhas, 's cuid dhen luchd-obrach air a bhith a' sgeith air ais 's air adhart à Tìr Mòr, a dh'fhàg gun tàinig ìsleachadh de cha-mhòr 2.5% air figearan Phort-adhair Steòrnabhaigh.

Àrdachadh

Air an làimh eile, 's ann a thàinig àrdachadh air an àireamh dhaoine a chaidh tro phuirt-adhair Bharraigh agus Ìle.

Bha àireamhan Ìle an-àirde 10.5%, agus chunnaic Phort-adhair Bharraigh àrdachadh de 9.2%.

Dh'èirich cuideachd an àireamh dhaoine a chleachd Port-adhair Inbhir Nis 5%, 's HIAL ag ràdh gur e an t-seirbheis ùr aca a dh'Amsterdam a chuidich na figearan sin.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh