Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Atharrachadh air dòigh obrach NATO an Afganastan

Thuirt NATO nach bi na feachdan ann an Afganastan a' dèananh uidhir de dh'obair còmhla ri saighdearan agus oifgearan poilis Afganach a tha iad a' treànadh an dèidh na th' air a bhith ann de dh'ionnsaighean le feachdan Afganach a' tionndadh orra. Thàinig an co-dhùnadh bhon t-Seanalair John Allen, commandair feachdan nan Stàitean Aonaichte agus NATO ann an Afganastan. Chaidh dithis shaighdear Breatannach agus ceathrar Aimeireaganach a mharbhadh air an deireadh-sheachdain nuair a thionndaidh oifigear poilis Afganach orra. Thuirt Rùnaire an Dìon, Phillp Hamond, agus Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Uilleam Hague, nach toir seo mòran atharrachaidh air obair feachdan Bhreatainn ann an Afganastan.

Ìre na h-Atmhorachd a' Tuiteam

Thuit ìre na h-Atmhorachd a-rithst a dh'aindeoin 's gu bheil prìs ola agus peatroil ag èirigh. Bha an Clàr Ceannaich sìos bho 2.6% san Iuchar gu 2.5% san Lùnastal. Bha an Clàr Reic sìos bho 3.2% gu 2.9%.

Sochairean Sòisealta 's Ìre na h-Atmhorachd

Tha riaghaltas na co-bhanntachd a' beachdachadh air cur às dhan cheangal eadar ìre na h-atmhorachd agus mar a tha sochairean sòisealta ag èirigh a rèir sin. Tha an Riaghaltas ag amas air gearradh air ais air buidseat £80bn son nan sochairean sòisealta.

Teine dachaigh sa Chuimrigh

Chàidh dithis inbheach agus leanabh òg a mharbhadh ann an teine aig taigh ann an Cwmbran ann an ceann a deas na Cuimrigh. Tha duine a tha 27 bliadhna de dh'aois an grèim fo amharas gun do chuir e teine ris an taigh.

Seirbheis ghreim cridhe nan Eilean Siar

Thuirt NHS nan Eilean Siar nach eil dad de dhùil aca cur às do sheirbheis a tha a' cuideachadh dhaoine a dh'fhulaing grèim cridhe. Bha dragh ann mu dè thachradh dhan t-seirbheis nuair a theirigeadh an t-airgead as t-Earrach an ath-bhliadhna ach thuirt NHS nan Eilean Siar an-diugh nach eil plana sam bith aca son stad a chur air an t-seirbheis a tha a' cuideachadh dhaoine air ais gu slàinte.