Gainnead diesel ann an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Pumpa-peatroil
Fo-thiotal an deilbh,
Thugadh leasachadh air tancaichean stòraidh aig Loch a' Chàrnain o chionn ghoirid.

Fhuair cuid de na stèiseanan connaidh ann an Uibhist tuilleadh diesel sa mhadainn Dimàirt an dèidh mar a theirig na bh' aca oidhche Luain.

A rèir 's mar a chaidh innse don BhBC 's e leasachadh air na tancaichean aig Scottish Fuels ann an Loch a' Chàrnain as coireach nach eil na h-uidhir de dhiesel ri fhaighinn ann an Uibhist an-dràsta.

Tha dùil gun tig tuilleadh connaidh chun an eilein ro dheireadh na seachdain.

Dh'fhaodadh beagan ùine a bhith ann fhathast ge-tà, mus till cùisean dhan àbhaist.