Cha stiùir pàrtaidhean bhòt mu Thòrr na Grèine
- Air fhoillseachadh

Tha na pàrtaidhean poileataigeach air Comhairle na Gàidhealtachd air a ràdh nach innis iad do chomhairlichean mar a bu chòir dhaibh bhòtadh nuair a thig planaichean connspaideach airson baile ùir air ais air am beulaibh Diciadain.
Tha Moray Estates airson baile ùr, anns am bi 4,960 dachaigh, a thogail air talamh àitich aig Tòrr na Grèine eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narrann.
Tha ochdnar comhairlichean - seachdnar Neo-eisimeileach agus ball bhon SNP - air tighinn còmhla gus toirt air an ùghdarras ionadail coimhead air an iarrtas dealbhachaidh a-rithist, às dèidh mar a chaidh cead-dealbhachaidh an am prionnsabal a thoirt dha gun bhòt air a' mhìos a chaidh.
Chaidh innse do bhuill an uair sin nach robh adhbhar laghail air nach fhaodadh iad cead a thoirt dha, leis gun robh e mar thà ann am Plana Leasachaidh Ionadail na Gàidhealtachd.
Chlàir naoinear bhall am mì-dheòin nuair a chaidh sin troimhe.
Tha am Pàrtaidh Uaine ag ràdh nach do dh'iarr a' Chomhairle ùghdarras an t-sluaigh airson an leasachaidh, leis nach robh e ann am manifesto pàrtaidh sam bith.
Tha oifigich na Comhairle ge-tà, ag ràdh gum bu chòir dha a dhol air adhart.
Tadhlaidh buill de Chomataidh an Dealbhachaidh air an làraich a-rithist mus dèan iad co-dhùnadh.