Gealltanas mu fhoghlam Gàidhlig

Clas-sgoile
Image caption Tha ùidh ann am foghlam Gàidhlig a' fàs - gu h-àraidh anns na bailtean mòra

Gheall Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, a làn-thaic a thoirt do choimhearsnachd sam bith a tha ag iarraidh sgoil neo aonad Gàidhlig.

Bha Mgr Allan a' bruidhinn Dimàirt, 's obair a' toìseachadh air bun-sgoil Ghàidhlig ùr Dhùn Èideann.

Thèid seann sgoil Bhonnington a leasachadh mar bhun-sgoil Ghàidhlig air sgàth 's gun robh uidhir de chloinn a' frithealadh an aonaid Ghàidhlig ann am Bun-sgoil Chrois na Cìse.

Bidh àite anns an sgoil ùir airson còrr is 400 duine cloinne.

Strì

Rinn Alasdair Allan moladh air na pàrantan ann an Dùn Èideann a rinn strì airson sgoil Ghàidhlig fhaighinn.

"Tha e ceart gu bheil coimhearsnachdan a' strì airson seirbheisean tro mheadhan na Gàidhlig agus an leasan a th' ann 's e sin ma bhios tu a' strì, tha teansa gum faigh thu an rud a tha thu ag iarraidh," thuirt e.

"Tha mi an dòchas a-nis gum bi coimhearsnachdan eile a' tighinn air adhart leis na planaichean a th' aca - chan eil an Riaghaltas a' snàmh ann an airgead ach cho fad 's a tha mise anns an obair seo, feuchaidh mi ri rudeigin a dhèanamh airson gach coimhearsnachd."

Thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Èideann ann an 1988, agus tha còrr is 200 duine cloinne a' faighinn an cuid fhoghlaim tro mheadhan a' chànain anns a' bhaile an-dràsta.

Thuirt neach-gairm Chomann nam Pàrant ann an Dùn Èideann, Jennifer Wright, gu bheil ùidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' fàs gu mòr anns a' phrìomh bhaile.

Tha dùil gum bi an obair air Bun-sgoil Ghàidhlig a' bhaile, a chosgas £3.5m, deiseil airson toiseach na bliadhna sgoile ann an 2013.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile