Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

19 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Murt

Chuir Polais Greater Manchester dìon air an dòigh san deach fear a shaoradh air urras bho chionn trì miosan, a tha a-nis fo amharas gur e a mhurt dithis bhana-phoilis an-dè. Chaidh losgadh le gunna air Fiona Bone agus Nicola Hughes nuair a fhreagair iad aithris air meirle aig taigh ann an sgìre Mottram. Thuirt an t-Àrd Chonstabal Polais, Sir Peter Fahy, nach robh fianais gu leòr ann son Dale Cregan a chuir fo chasaid gun do mhurt e duine anns a' bhaile anns an Og-mhios.

Coinneamh

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, agus am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, a' coinneachadh ann an Lunnainn an-diugh. Tha dùil gum bruidhinn iad, a-measg rudan eile, air an referendum son neo-eisimeileachd do dh'Alba, aig coinneamh cheannardan na Rìoghachd Aonaichte.

Neo-eisimileachd

Chaidh Riaghaltas na h-Alba às àicheadh na thuirt Rùnaire na h-Obrach 's nam Peinseanan nach biodh Alba neo-eisimeilach comasach air pàigheadh son sochairean sòisealta a chumail aig ìre gun seirbheisean a ghearradh air neo cìsean a chuir suas. Thuirt Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn nach b'urrainn do dh'Alba neo-eisimeileach cosnadh a chruthachadh neo taic a chumail ri feadhainn nach urrain obair. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil a bhriathran ach a' feuchainn ri eagal a chuir air muinntir na h-Alba.

Bile

Thèid oidhirp eile a dhèanamh air lagh na h-Alba atharrachadh gus am bidh e ceadaichte duine air a bheil tinneas nach gabh leigheas a chuideachadh gu làmh a chuir nam beatha fhèin. Tha am ball-pàrlamaid Margo NicDhòmhhnaill air moladh a thogail a-rithist son bile an dèidh dhith taic ochd duine deug de bhuill-pàrlamaid fhaighinn son bile ùr.

Tòr na Grèine

Tha dùil gum faigh comhairlichean Gàidhealach cothrom bhòtadh an-diugh air plana son baile ùr eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann. Chaidh cead a thoirt air a' mhios-sa chaidh son suas ri còig mìle taigh, sgoiltean, goireasan-coimhearsnachd agus bùithean aig Tòr na Grèine - ach tha ochdnar chomhairliche air ath-sgrùdadh iarraidh air a' cho-dhùnadh sin.

RNLI

Chaidh bàtaichean teasairginn ann an Alba gu muir còig tursan gach là air an t-samhradh seo, a-rèir figearan an RNLI. Thuirt an t-Institiùt gun do chuir an dà fhichead 's sia stèisean ann an Alba gu muir air ceud agus seachd turas deug san Og-mhios, an Iuchar agus an Lùnasdal - tha sin suas 4% air an aon ùine ann an 2011. Thuirt iad gur e deagh aimsir mun iar a dh'fhàg gu robh iad nas trainge.