Rabhadh gun caill daoine croitean

Talamh Croite
Image caption Dh'atharraich an lagh mu chroitean agus maoin ann an 2007.

Thug Caidreachas Croitearachd na h-Alba rabhadh do chroitearan iad a bhith cinnteach às cò an ainm a tha mu choinneamh an cuid fearainn gu h-oifigeil.

Tha seo às dèidh dha tighinn am bàrr gun do theab fear a bha ag obrachadh an fhearainn a' chroit aige a chall, 's an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gun seasadh i mu choinneamh chosgaisean cùraim a mhàthar, 's an talamh fhathast na h-ainm-se.

Bha seo a dh'aindeoin dhi a ràdh na tiomnadh gun deadh a' chroit fhàgail aig a mac.

Bha an duine air a bhith an urra ris a' chroit obrachadh o chionn 20 bliadhna 's an còrr.

Atharrachadh Lagha

Cha robh an teaghlach air a' chroit a chur na ainm-se chun an uair sin, leis nach robh iad den bheachd gum biodh feum air sin a dhèanamh, ri linn tiomnadh a mhàthar.

Cho-dhùin an t-ùghdarras ionadail gun robh a' chroit fhathast na maoin aig a mhàthar, agus mar sin dheth, gum faoidte tarraing air airson chosgaisean a cuid chùraim.

"Tha sinn dha-rìribh a' moladh do chroitearan gum beachdaich iad co-dhiù dh'fhaodadh iad a bhith air an glacadh san ribe seo," thuirt Iar-Chathraiche a' Chaidreachais, Fiona Mandeville.

"Tha sinn mothachail do shuidheachaidhean far a bheil a' chroit air a fàgail fo ainm duine a tha gu math sean, fhad 's a tha iad a' toirt dachaigh agus teachd-an-tìr do dhaoine nas òige san teaghlach.

"Dh'fhaodadh gun caill na daoine seo na croitean aca, ri linn tuigse gu math cruaidh aig cuid de dh'ùghdarrasan ionadail air molaidhean an Riaghaltais.

"Nam biodh tuigse sam bith aig na comhairlean air an eachdraidh a tha a' cuairteachadh na croitearachd, cha dèanadh iad seo.

"'S i a' chomhairle a b'fheàrr do dhaoine, suidheachadh na croite aca a rèiteach cho luath 's a ghabhas," thuirt i.

Mar as tràithe a nithear sin, 's ann as fheàrr, a rèir fhir-lagha, agus cunnart ann gun gabhadh a' chroit a thoirt bho dhaoine ma 's e 's gun deach a thoirt dhaibh ro fhaisg air an àm a chaidh am pàrantan gu dachaigh chùraim, no a fhuair iad bàs.

"Fiachan sam bith a th' air croitear, faodaidh iad (an luchd-creidis) san là a th' ann na fiachan sin a thoirt bho oighreachd sam bith a th' aca nuair a bhàsaicheas iad," thuirt am fear-lagha Dòmhnall Mac a' Ghobhainn.

"Tha mi a' smaoineachadh, mar as fhaisg air sin tachairt a thèid a' chroit a thoirt seachad dhan ath-ghinealach, 's ann nas dualtaiche a tha e gun tèid cosgaisean cùraim a thoirt a-mach à co-dhiù luach na croit no luach na dachaigh.

"B'àbhaist dha a bhith, nan dèanadh croitear tiomnadh anns an robh e a' toirt na croite seachad can dhan mhac, fiachan sam bith a bha an uair sin air an oighreachd aig àm bàis, dh'fheumadh iad sin a thoirt a-mach à pàirt eile den oighreachd - cha robh e a' dol faisg air a' chroit.

"Ach dh'atharraich an lagh anns an dòigh sin ann an 2007.

"Tha e deatamach gun dèan croitearan tiomnadh.

"Agus tha e comasach an-diugh, bho chionn ghoirid, bho 2010, tha e comasach do chroitear tiomnadh a dhèanamh anns an gabh a' chroit a roinn.

"Dh'fhaodadh mar eisimpleir croitear an-dràsta, an dachaigh, eadar gu bheil e, mar a chanas iad, air feu no nach eil, fhàgail aig aon bhall den teaghlach, agus pàirtean eile den chroit, can nam biodh dhà no trì achaidhean air a' chroit, dh'fhaodadh e gach achadh fhàgail aig ball eile den teaghlach," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile