Èisdeal ga cheannach às leth na coimhearsnachd?
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gum beachdaich muinntir an eilein bhig Èisdeal ann an Earra-Ghàidheal an t-eilean a cheannach às leth na coimhearsnachd, an dèidh buaireadh leis an uachdaran a dh'fhaodadh cur às dhan fharpais ainmeil losg-bhra-teine aca.
Tha còir aig an fharpais a bhith ann Didòmhnaich seo tighinn, ach bha an t-uachdaran a' bagart stad a chuir oirre, 's e ag ràdh gum feumadh an fheadhainn a tha ga ruith - Urras Coimhearsnachd Eilein Èisdeil - £1,000 a phàigheadh airson an t-seann chuaraidh sgleata a chleachdadh.
Tha an fharpais air a bhith a' ruith o chionn 15 bliadhna, 's i a' tàladh nan ceudan dhaoine chun an eilein bhig.
Bha cùisean a' coimhead dubhach, gus an d'fhuair na h-Eileannaich tabhartas bho phàipear-naidheachd son an t-uachdaran a phàigheadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An t-Sultain 2012