BBC Naidheachdan

Bòrd na Gàidhlig a' gluasad gu Taigh a' Ghlinne Mhòir

Published
image copyrightBòrd na Gàidhlig
image captionThathas an dùil gun sàbhail an gluasad airgead don roinn phoblaich.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a' gluasad am prìomh oifisean ann an Inbhir Nis.

Thèid iad a-nise gu Taigh a' Ghlinne Mhòir, air iomall an iar a' bhaile.

Bidh iad stèidhichte nan dachaigh ùir bho 30mh an t-Samhain.

Tha Taigh a' Ghlinne Mhòir na dhachaigh mar thà do SNH, Coimisean na Croitearachd, agus Coimisean na Coilltearachd.

Tha a' bhuidheann stèidhichte an-dràsta aig Pàirce Ghnìomhachais Sgrìodain Sgràd (Stoneyfield), air iomall an ear a' bhaile.

Thathas an dùil gun sàbhail an gluasad airgead don roinn phoblaich, le iomadh buidheann poblach stèidhichte san aon togalach.

Thathas a' tuigsinn ge-tà, gu bheil am plana seo a' ciallachadh nach tèid "Mòr-ionad" a thogail sa bhaile, far am biodh a h-uile buidheann leasachaidh Gàidhlig stèidhichte fo na h-aon chabair.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

  • Bòrd na Gàidhlig (Gàidhlig)

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh